Tobar Mhoire

Capercaillie

bheir mi sgrìob do Thobar Mhoire
far a bheil mo ghaol an comann 

e o hi urabho o hi u
e o hao ri ri 
e o hao ri sna bho hu o 
e o hi urabho o hi u 

far a bheil mo ghaol an comann 
luchd nan leadan 's nan cùl donna 

luchd nan leadan 's nan cùl donna 
dh'òladh am fìon dearg na thonnan

bheir mi sgriob dhan Lochaidh luachrach 
far a bheil mo ghaol an t-uasal 

far a bheil mo ghaol an t-uasal 
gheibhinn cadal leat gun chluasag 

gheibhinn cadal leat gun chluasag 
's cùl mo chinn am bac do ghuala