Seinneam Cliù Nam Fear Ùr

Capercaillie

seinneam cliù nam fear ùr
gillean glun-gheal nam breacan
fèileadh beag os cionn nan glùn 
èideadh sunndach nan gaisgeach 

seinneam cliù na dh'fhàg Port-righ
fo'n cuid pìoban is bhreacan
leam bu mhiann a bhi nan cùl
miann mo shùil bhi gam faicinn 

seinneam cliù nam fear ùr
gillean glun-gheal nam breacan
fèileadh beag os cionn nan glùn 
èideadh sunndach nan gaisgeach

seinneam cliù na dh' fhalbh a Sleibht' 
gillean treun nach robh meata 
chaidh a dhion an crun 's an tìr 
bho'n a mhìltear gun cheartas 

seinneam cliù nam fear ùr
gillean glun-gheal nam breacan
fèileadh beag os cionn nan glùn 
èideadh sunndach nan gaisgeach 

's bi an cliù 'ga sheinn gu bràth
fhad's bhios tonn air tràigh no cladach 
fhad's bhios grian an aird na speur 
mairidh spèis do na gaisgich 

seinneam cliù nam fear ùr
gillean glun-gheal nam breacan
fèileadh beag os cionn nan glùn 
èideadh sunndach nan gaisgeach 

seinneam cliù nam fear ùr
gillean glun-gheal nam breacan
fèileadh beag os cionn nan glùn 
èideadh sunndach nan gaisgeach